Álvaro Uribe
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia[1] 's a th' ann an Álvaro Uribe Vélez (IPA:ˈalβaɾo uˈɾiβe ˈβeles). Rugadh e ann am Medellín ann an 1952.
Fhuair Uribe Vélez a chuid fhoghlaim aig an Sgoil Jorge Robledo, agus an nuair sin aig Oilthigh Antioquia, far an do dh'ionnsaich e Lagh. 'S e sàr sgoilear a bh' ann. Thuirt na tìdsearan aige gur e an sgoilear a bu mhotha a bh'ann. An dèidh an Oilthigh fhàgail, bha e na fhear-lagha. A bharrachd air sin, fhuair e tuilleadh fhoghlaim aig Oilthigh Harvard (1993) agus aig Oilthigh Oxford.
Chaidh Uribe Vélez a thaghadh mar Cheann-suidhe na dùthcha airson a' chiad uair ann an 2002[2]. Chaidh an lagh air atharrachadh agus le sin b' urrainn dha dara theirm fhaighinn. Thuirt e nach fheuch e ri a bhith na cheann-suidhe turas eile co-dhiù. Leigidh e an dreuchd aige ann an 2010[3][4]. Fhuair e dubh-chàineadh bhon sgrìobhadair Fernando Vallejo.